A’ Lìonadh Bèarn nan Làithean-Saora

Puingean stiùiridh airson buidhnean a tha a’ toirt seachad biadh do chlann sa choimhearsnachd sna làithean-saora

Tha sinn airson nach bi pàiste sam bith acrach aig làithean-saora na sgoile.

Tha sinn ag amas taic a chur ri coimhearsnachdan le frèam airson deagh bhiadh a thoirt seachad mar phàirt de phrògraman ionnsachaidh, cluich agus gnìomh sna làithean-saora.

Seo na 10 prìomh raointean a tha còir agaibh measadh ann an leasachadh phrògraman a tha a’ toirt seachad biadh agus gnìomhan mathachaidh sna làithean saora a’ dèiligeadh ri bèarn acras nan làithean-saora:

Principles Icon

Prìonnsapalan

Carson a tha ar buidheann airson biadh làithean-saora a thoirt seachad? – Smaoinich air ur tuigse de chlann ur coimhearsnachd agus feuman beathachail agus soirbheachail dhaoine òga agus feallsanachd nam buidhnean eile as urrainn a bhith nan com-pàirtichean.

Principles Icon

Daoine

A bheil sibh air ceannas aontachadh airson ur pròiseact le loidhnean soilleir mu uallach do luchd-obrach agus luchd-obrach saor-thoileach, com-pàirtichean agus luchd-maoineachaidh? Smaoinich air cò as fhèarr ceannas a ghabhail air ur pròiseact agus na sgilean a bhios feumail gus soirbheachadh leis

Principles Icon

Plana

A bheil sibh air buidseat a dhearbhadh airson ur pròiseact? Breithnich air ur comas a-rèir feuman coimhearsnachd agus dearbhaich dè as urrainn dha ur pròiseact a dhèanamh gu ciallach. Dèan clàr-àma air na dh’fheumas sibh a thaobh goireasan agus cuin a dh’fheumas sibh iad. Smaoinich air mar as urrainn do ur pròiseact taic fhaighinn bho seirbhisean reachdail eile mar slàinte agus foghlam.

Principles Icon

Còm-pàirteachas

A bheil sibh air fios a chur gu còm-pàirtichean iomchaidh airson taic a thoirt dhuibh iomradh agus solarachadh? Cuiribh fios gu sgoiltean, sgiobaidhean taic teaghlaich, buidhnean-gnìomha mar slàinte phoblach agus ur comhairle ionadail, luchd-reic bìdhe agus daoine fa leth as urrainn taic a thoirt don phròiseact ann an ùine ghoirid, meadhanach neo fada. Foirmeilich an taic agus aontaich mu dhòighean-iomraidh. Smaoinich mu dhòighean as urrainn dhuibh obrachadh le prògraman a tha am bith cheana.

Principles Icon

Poileasaidhean

A bheil poileasaidhean iomchaidh agaibh an gnìomh airson ur pròiseact agus na clann a bhios fo ur cùram a dhìon? Dèanaibh cinnteach gu bheil poileasaidhean iomchaidh agaibh airson a bhith ag obrachadh le clann agus teaghlaich so-leònta. Nam measg ’s dòcha gum bi – slàinte agus sàbhailteachd, slàinteachas bìdh, dìon chloinne, dìomhaireachd agus àrachas poblach. Cuideachd, dèanaibh cinnteach gu bheil ur gnìomhan a’ cumail ri riatanasan Ofsted/HMI/HSC/Estyn airson obrachadh le clann. Tha iad seo riatanach fon lagh san RA airson dòighean-obrach sàbhailte.

Principles Icon

Aitreabh

A bheil sibh air àite freagarrach a lorg airson ur pròiseact? Lorg agus dearbhaich àite-solarachaidh airson cho fad ’s a bhios ur pròiseact an gnìomh, le comas feuman ur pròiseact a riarachadh. Ma tha sibh ag obrachadh le prògraman a tha am bith cheana, dèanaibh cinnteach gun urrainn dhuibh ur solarachadh neo ur aitreabh atharrachadh ma tha seo iomchaidh.

Principles Icon

Deisealachadh

Ciamar a nì sibh cinnteach gun tèid ur pròiseact a sholarachadh gu h-iomchaidh? Dèanaibh ur margaidheachd ro làimh, agus clàr iomraidhean sam bith, a’ dèanamh cinnteach gun clàr sibh feuman a thaobh dòigh-ithe neo rud sam bith eile, mar a tha iomchaidh. Lorg ur biadh agus dèan plana airson a dheisealachadh. Dèanaibh cinnteach gu bheil teisteanasan agus trèanadh iomchaidh aig ur luchd-obrach. Deisealaich na goireasan agus sgrìobhainnean agaibh m.e. leabhar-làimh sàbhailteachd bìdh, poileasaidhean. Cuiribh fios gu luchd-frithealaidh buailteach neo an teaghlaich/luchd-tagraidh a bhith an-sàs ann an dealbhadh a’ phròiseact a thaobh biadh agus gnìomhan.

Principles Icon

Solarachadh

AAn do smaoinich sibh mu na h-eileamaidean gu lèir airson ur pròiseact a dhèanamh na dheagh thachartas sòisealta a bharrachd air a bhith a’ toirt seachad deagh bhiadh? Tha gnìomhan cluiche luachmhor do phròiseact soirbheachail, agus mar sin aontaich le ur com-pàirtichean cia mheud latha a bhios ur pròiseact a’ ruith, dè bhios air a thoirt seachad, cò bhios aig gach seisean agus dè an uair a bhios e air. ’S dòcha gum bi sibh airson cuireadh a chur gu buidhnean bhon taobh a-muigh airson fiosrachadh a sgaoileadh mu sheirbhisean taic eile.

Principles Icon

Biadh

A bheil sibh air smaoineachadh mu ur roghainn de bhiadh? ’S dòcha gum bi sibh airson atharrachadh eadar biadh teth, biadh pacte, biadh fèin-solarachd neo measgachadh. Tha còir agaibh feuman sam bith a thaobh dòigh-ithe agus roghainnean cultarail a ghabhail a-steach. Far a bheil e comasach, bu chòir dhuibh biadh ùr is fallain a chleachdadh.

Principles Icon

Mu dheireadh

An do smaoinich sibh mun bhuaidh a bhios aig ur pròiseact? Tha e cudromach com-pàirteachadh agus gnìomhan a chlàradh. Seallaidh ur sgrùdadh an dòigh as fheàrr ur pròiseact atharrachadh airson a bhith cinnteach gum bi sibh a’ cumail ri feuman agus roghainnean a h-uile duine. Bheir an sgrùdadh seo dhuibh beachdan air mar as urrainn dhuibh ur pròiseact a dhèanamh nas fheàrr neo aithneachadh far a bheil dùbhlain ann. Bheir seo cuideachd taic dhuibh airgead a thogail, agus seallaidh e mar a tha toraidhean ur pròiseact a’ cuideachadh ur coimhearsnachd.